Music Video

Credits

PERFORMING ARTISTS
Sian
Sian
Performer
COMPOSITION & LYRICS
Eilidh Cormack
Eilidh Cormack
Composer
Ellen MacDonald
Ellen MacDonald
Composer
Ceitlin Lilidh
Ceitlin Lilidh
Composer
Innes White
Innes White
Composer
PRODUCTION & ENGINEERING
Donald Shaw
Donald Shaw
Producer

Lyrics

Thugainn còmhla riums' dhan t-seann chladh thall Oir b' eòl leam an t-sligh' fon an fheur maoth, glas Tha ar càirdean nan suain 's nan tàmh ann gu bràth Aithnichidh sinn ainmean san t-seann chladh thall Na bithibh fo bhròn, tha an deuchainnean dèant 'S ci'n fàth bhith gan caoidh 's nach bi dragh' orr' a-rithist? Oir socair an cadal, ged fuar agus trom A' chluasag fo cheann san t-seann chladh thall Is tha fhios g' eil e faoin nuair a thig am bàs Bhith cagar bhriathran coibhneil do chridhe sgàint Is tha fhios gum bi aoibhneas ar beathannan caillt Nuair leanamaid ar càirdean dhan t-seann chladh thall Nam bithinn nam thàmh fon chraoibh ud thall Na bithibh gam chaoidh 's mi sìnte san fhonn 'S mi tha airsneulach, claoidhte, na cuiribh idir maill Air an t-sìth tha ri faotainn san t-seann chladh thall Na bithibh fo bhròn 's mi deis' a dhol ann Gu cala mòr a' ghlòir far nach sruth deòir fann 'S cha bhi eagal orm siubhal don uaigneas ud thall Far an d' fhuair ar Tighearna a' bhuaidh nach gann 'S mi beò ann an dòchas, air aon latha brèagha Gun làigh deò-grèin' air a' phrìosan sa chrèadh Is dùisgidh na mairbh ri fonn Ghabriel 'S ri do ghuth-sa a Dhia san t-seann chladh thall
Writer(s): Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen Macdonald, Innes White Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out