Lyrics

Tìr a' Mhurain Tìr a' Mhurain Tìr a' Mhurain Trobhad is coisich rium Ri taobh a' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a' Mhurain Fàilte gu mo dhàn Sìol is meas nam bàrd Am foghar bha feitheamh orm Bho an là a bha mi òg Trobhad is coisich rium Ri taobh a' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a' Mhurain Fàilte gu mo thìr Eilean geal an iar An t-àite a chì gach tuigse is fìrinn Glaiste 'na mo chridhe Trobhad is coisich rium Ri taobh a' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a' Mhurain Fàilte gu mo chainnt Is I dh'ionnsaich mi 'nam phàisde Cànan uasal mòr nan Gàidheal Mar bhratach dhomh gach là Trobhad is coisich rium Ri taobh a' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a' Mhurain Is ged a dh'fheuch iad ri cur as dhuinn Chì mo theaghlach cnoc nan linn Is ged tha ar cànan leònt' le strì 'S an tìr seo bidh I beò Trobhad is coisich rium Ri taobh a' chuain Is seallaidh mi dhuit Tìr a' Mhurain
Writer(s): Rory Mcdonald, Calum Macdonald Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out