Lyrics

A' Chlach a bha mo sheanmhair 'S mo sheanair oirre seanchas Air tilleadh mar a dh'fhalbh i Mo ghalghad a' Chlach 'S gur coma leam i 'n Cearrara An Calasraid no 'n Calbhaigh Cho fad' 's a tha i 'n Albainn Nan garbhlaichean cas 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Ga cur an àite tearmainn A chumas i gu falachaidh 'S nach urrainn iad, nach dearg iad Air sgealb dhith thoirt às A' Chlach a chaidh a dhìth oirnn Air faighinn às an ìnean 'S gu deimhinne, ma thill i Tha 'n nì sin gu math 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Mionnan air fear deàrnaidh Gach màthair is mac Nach leig sinn ann an gàbhadh Am fear a thug à sàs i 'S a mhiontraig air a teàrnadh À àite gum tlachd Ma chuireas iad an làmh air Chan fhuilear dhuinn bhith làidir Is buill' thoirt air a thàillibh Le stàilinn amach 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Bha 'm Ministear cho tùrsach Sa mhadainn nuair a dhùisg e 'S praban air a shùilean A' tionndadh amach E coiseachd feadh an ùrlair Ag ochanaich 's ag ùrnaigh 'S a' coimhead air a' chùil Anns an d' ionndrainn e Chlach 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Sin far robh an stàireachd 'S an ruith air feadh an làir ann Gun smid aige ri ràidhtinn Ach "Càit 'n deach a' Chlach?" 'S "a Mhoire, Mhoire, Mhàthair Gu dè nì mise màireach Tha fios a'm gum bi a' Bhànrighinn A' fàgail a beachd" 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Gun tuirt e 's dath a' bhàis air "Cha chreidinn-sa gu bràth e Gu togadh fear bho làr i Nach b' àirde na speach Tha rudeigin an dàn dhomh 'S gun cuidicheadh an t-Àgh mi Bha' n duine thug à sàs i Cho làidir ri each" 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Lyrics powered by www.musixmatch.com
instagramSharePathic_arrow_out